Deasachaidh
Nuair a chaidh faighneachd aig toiseach a chùrsa dhan fhear-lagha
ainmeil Ameireaganach a bha cuideachd na chainntear, Daniel Webster
(1782-1852) carson a
bha e a’ dol a-steach a dhreuchd lagha a bha mu thràth
le cus dhaoine ann, fhreagair e, “Tha an-còmhnaidh àite
aig a’ mhullach!”
’S
ann leis an aon seòrsa strì agus diongmhaltas a tha
SCRIPT-ed a’ cur roimhe a dhol a-steach
còmhla ri pàipearan air-loidhne eile, agus tha gu leòr
dhiubh ann, a tha a’
deiligeadh ri seilbh inntinneil agus lagh teignigeach. Agus nuair a
bha mi a’
smaoineachadh air ciamar a tha pàipearan a’ faighinn gu
àrd ìre, thàinig grunnan abairtean thugam, ge b’
e air bith cò às, a’ sruthadh a-mach às mo
chuimhne air thuaiream – no am b’ urrainn dhaibh a bhith
air am fighe a-steach bho “abairtean glèidhte”?
Co-dhiù, bha iad a’ dèanamh ceangal ri
stèidheachadh a’ phàipeir seo a tha air a
sgrìobhadh agus air a stiùireadh le oileanaich agus ri
na briathran a tha mu thràth a’
nochdadh ann, a cheart cho math ri dè a nì e san àm
ri teachd airson àite a dhleasadh dha fhèin aig mullach
liosta Google.
Seo agaibh
na h-abairtean sin, gun a bhith ann an òrdugh sam bith, agus
gum bu fada a bhios iad uile fìor mu SCRIPT-ed:
ùr
innleachdach
neo-fhollaiseach
neo-àbhaisteach
ùr nodha
tùsail
sgil agus obair
cruthachadh innleachdail
sradag chruthachail
obraichean na h-inntinn
comasach air dealachadh a dhèanamh eadar rudan
dèiligeadh cothromach
sgrùdadh, lèirmheas agus iomradh naidheachdan
poileasaidh poblach
ùidh phoblach
’S dòcha gum bu chòir dhomh a ràdh san dealachadh, le beagan rath, chan e gur e abairt a tha seo a gheibhear ann an lagh sam bith a bhuineas do IP no IT, ach a chaidh a shoilleireachadh ann an òran dhen ainm sin le Paul McCartney (a rugadh an 1942, ach fhathast maille rinn). Duilich a bhith a’ dealachadh le bhith cho coltach ri na 1970an (leisgeulan gu sònraichte dha Graeme Laurie).
Eachann
MacCuinn
Proifeasair san Lagh Phrìbheideach
Stiùiriche,
Ionad Sgrùdaidh ahrc airson Rannsachadh Seilbh Inntinneil agus
Lagh Teignigeach Sgoil Lagha Dhùn Èideann
Oilthigh
Dhùn Èideann